BBC Naidheachdan

Turasachd a' dol am meud sna h-Eileanan

Tha barrachd luchd-turais a' tighinn dha na h-Eileanan an Iar na bha a-riamh roimhe.

Tha gearainean ann nach eil an fheadhainn ann an carabhanaichean agus bhanaichean-campachaidh gu sònraichte a' cur cus ris an eaconamaidh ionadail.

Ach, tha e coltach gu bheil cuid anns na h-Eileanan air brath a ghabhail air an t-seòrsa tùrasachd-sa, mar a chuala Ruaraidh Rothach bho Anna NicGillFhaolain.