BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Tha eaconamaidh Bhreatainn nas fheàrr na bha i mus do thòisich an crìonadh ann an 2008. Tha Oifis nan Staitistig Nàiseanta ag ràdh gun robh fàs 0.8% anns an dàrna cairteal den bhliadhna. Thuirt an Seansalair, Seòras Osborne, gur e dearbhadh a th' ann air plana eaconomaigeach an Riaghaltais. Ach tha na Làbaraich a' gearain nach eil sin na bhuannachd fhathast do mhòran a tha a' faicinn luach an tuarastail a' sìor thuiteam.

Thàinig àrdachadh mòr air prothaid Bhanca Rìoghail na h-Alba, ro chìsean. Rinn a' bhuidheann £2.6bn air a' chiad leth den bhliadhna seo, a dhà uimhir ris an aon ùine an-uiridh. Buinidh 80% den bhanca do luchd-pàighidh na cìse. Thuirt RBS gur e ath-bheothachadh na h-eaconamaidh as motha as coireach gu bheil na figearan nas fheàrr na bha duil.

Tha dùil ri còrr is 100,000 duine an-diugh, eadar na diofar fharpaisean, air an dàrna là de Gheamaichean a' Cho-Fhlaitheis ann an Glaschu. Am measg nam farpaisean an-diugh, tha snàmh, judo agus rothaireachd.

Dh'aidich màthair, anns an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann, gun do mharbh i a gille beag, a bha trì bliadhna de dh'aois, ann an Dùn Èideann anns an Fhaoilleach. Bha Rosdeep Adekoya, a tha 34 bliadhna de dh'aois, fo chasaid gun do mhurt i Mikaeel Kular, ach ghabh an Crùn ris a' chasaid a bu lugha.

Thuirt Riaghaltas na Frainge gur e droch shìde as coltaiche a bu choireach ri tubaist le plèan às Algeria an-dè. Chaidh sprùilleach a' phlèan, air an robh còrr is 100 duine, fhaighinn ann am Fàsach an Sahara ann am Mali. Thuirt Ceann-Suidhe na Frainge, Francois Hollande, gun d' fhuair saighdearan Frangach aon de na bogsaichean clàraidh.

Tha mòran sgoiltean air feadh Alba a' cur maill air na deuchainnean ùra aig Àrd-Ìre ann an cuid de chuspairean. Bu chòir dhan t-siostam ùr Higher tòiseachadh am-bliadhna, ach tha rannsachadh BBC ag ràdh gu bheil mòran sgoiltean a' cur dàil air chun ath-bhliadhna. Thuirt Riaghaltas na h-Alba an-uiridh gun robh làn chead aig sgoiltean sin a dhèanamh nam biodh e gu math na cloinne.

Tha Eilean Mhuile a-niste am measg nan sgìrean dùthchail anns nach eil dotair a nì obair èiginn air taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach. Thuirt dotairean ann an Tobar Mhoire nach dèan iad an obair sin tuilleadh. Tha na h-uimhir de sgìrean eile air a' Ghàidhealtachd às aonais dhotair a nì frithealadh orra air an oidhche, agus air an deireadh sheachdain.