Beachdan à baile Dhùn Èideann

Tha Dùn Èideann aig cridhe saoghal poileataigeach na h-Alba agus às dèidh an 18mh là den t-Sultain, tha cothrom ann gum bi Auld Reekie dha-rìribh na prìomh-bhaile air dùthaich neo-eisimeileach.

Leis an sin, tha an tè-naidheachd phoileataigeach againn, Iona NicRisnidh, air a bhith a' trusadh bheachdan bho Ghàidheil Dhùn Eideann.