BBC Naidheachdan

An Cogadh Mòr ga chuimhneachadh

Tha coimhearsnachdan air feadh na rìoghachd a' cur ri chèile an cuimhneachain fhèin air a' Chogadh Mhòr is 100 bliadhna ann bho thòisich e.

Tha Comann Eachdraidh Nis ann an Leòdhas am beachd leabhar fhoillseachadh ro dheireadh na bliadhna, agus tha muinntir an Rubha cuideachd a' cruinneachadh fiosrachadh is seanchas.