Eaconamaidh na h-Alba ga dheasbad
Chaidh eaconamaidh na h-Alba a dheasbad ann am Pàrlamaid na dùthcha Dimàirt, leis an riaghaltas a' foillseachadh plana airson tuilleadh chosnaidhean a chruthachadh ma bhòtas sinn airson neo-eisimeileachd.
Ach thuirt na pàrtaidhean dùbhlanach nach eil dad a dh'fheum sna planaichean às aonais soilleireachadh air dè an t-airgead a chleachdas Alba ma dh'fhàgas i an Rìoghachd Aonaichte.
Tha an aithris seo aig Darren Linc.