BBC Naidheachdan

Là fosgailte ann am baile Loch Obha

Thadhail còrr is 500 duine air Eaglais an Naoimh Chonain an Loch Obha, 's feadhainn a th' airson a càradh air là fosgailte a chur air dòigh.

Chaidh buidheann de charaidean na h-eaglaise a stèidheachadh, às dèidh mar a dhiùlt an Crannchur Nàiseanta airgead a thoirt seachad gus an togalach a chàradh.

Tha dòchas air tuilleadh maoineachaidh ge-tà, ma thèid barrachd feum a dhèanamh dhen togalaich.

Seo Andreas Wolff.