BBC Naidheachdan

Danny Alexander ann an Steòrnabhagh

Tha dòchas ann gun tèid leudachadh a-nis air na seòrsachan phrògraman a th' air BBC Alba agus £1m a bharrachd de thaic-airgid ga thoirt dhaibh.

Thadhail Àrd-Rùnaire Roinn an Ionmhais air Steòrnabhagh Dimàirt gus innse mun t-airgead.

Thadhail e cuideachd air Aonadh Creidis nan Eilean agus a' Ghaidhealtachd, agus aig muileann clò.

Tha tuilleadh aig Catrìona NicIllInnein.