BBC Naidheachdan

Dragh mu sheirbheis slàinte Mhuile

Tha muinntir Mhuile a' sireadh ghealltanasan mu sheirbheisean slàinte san eilean.

Tha Ionad Meidigeach Thobar Mhoire a' dol a sgur a thoirt seirbheis dhan t-sluagh taobh a-muigh na h-uairean àbhaisteach.

Tha ceistean ann mu sheirbheis charbad-èiridinn an eilein cuideachd.

Chaidh Seonaidh MacCoinnich gu cuid de na seiseanan-fiosrachaidh a tha a' dol air adhart an sin an-dràsta.