BBC Naidheachdan

Cupa MhicAmlaidh dhan Bhail' Ùr

Chaidh Cupa MhicAmlaidh air ais do Bhail' Ùr an t-Slèibh airson a' chiad turas bho 1986 agus sgioba Bhàideanach a' soirbheachadh 2-1 an aghaidh Chaoil Bhòid san Òban.

B'e Friseal Mac an Tòisich a chuir an tadhal cudromach ann an ùine a bharrachd is coltas ann gun robh an geama a' dol gu slaicean-peanais.