BBC Naidheachdan

Robo Chù

Ma bha sibh a' smaoineachadh gun robh an saoghal ag atharrachadh ro luath, chan fhaca sibh càil fhathast!

Ghabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach - airson caoraich a bhuachailleachd.

'S e sin a tha luchd-saidheans bho Chomhairle Rannsachaidh na h-Àrainneachd ag ràdh ann an aithisg ùr.

Chan e a-mhàin sin, ach tha iad cuideachd den bheachd gun gabhadh ròbatan an cur gu feum - an àite poilis - airson sluagh mòr a chròthadh.