BBC Naidheachdan

Sealladh nan dùthchannan Eòrpach

Bidh sùilean dùthchannan na Roinn Eòrpa air Alba anns na trì seachdainean a tha romhainn.

Tha mar a bhòtas Alba anns an referendum cudromach do mhòran dhiubh oir tha iomairtean ann an grunn àiteachan Eòrpach ag iarraidh neo-eisimeileachd bho na stàitean anns a bheil iad an-dràsta.

Nam measg, tha pàirtean den Spàinn, a' Bheilg agus an Eadailt.

Tha Dòmhnall Moireasdan a' toirt sùil air mar a dh'fhaodadh bhòt na h-Alba buaidh a thoirt fada thairis air na crìochan againn fhèin.