BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Bheir Daibhidh Camshron fiosrachadh do Thaigh nan Cumantan feasgar mu phlana airson leudachadh air laghan ceannairc. Tha còmhradh a' dol eadar an dà phàrtaidh ann an Riaghaltas na Co-bhanntachd mun chunnart bho radaigich Ioslamaich. Tha na Libearalaich Dheamocratach a' ceasnachadh a bheil cuid de na molaidhean laghail.

Tha pàrantan a' ghille bhig à Breatainn, Ashya King, mu choinneimh cùirt ann an Madrid an-dràsta agus coltas ann gun tèid an tilleadh dhan Rìoghachd Aonaichte. Chaidh an cur an grèim anns an Spàinn Disathairne an dèidh dhaibh an gille beag, a tha còig bliadhna de dh'aois, agus air a bheil aillse eanchainn, a thoirt a-mach às an ospadal ann an Southampton gun chead dotair. Tha na pàrantan ag ràdh nach robh iad riaraichte leis an seòrsa leigheas a bha e a' faighinn.

Thuirt Ministear Cèin na Ruis, Sergei Lavrov, nach cuir Moscow armachd an sàs air taobh sear na h-Ugràin. Thuirt e gum feum an t-sabaid sguir agus prìomhachas a thoirt do chòmhraidhean a tha a' tòiseachadh an-diugh. Bidh riochdairean na h-Ugràin agus na Ruis, na reubaltaich a tha a' taobhadh ris an Ruis, agus sgioba de luchd-faire eadar-nàiseanta a' coinneachadh ann an Minsk, prìomh-bhaile Belarus.

Tha an dà thaobh anns an iomairt ro referendum na h-Alba a' cur an cuimhne dhaoine, nach eil air a' chlàr-bhòtaidh, gum feum iad sin a dhèanamh. Cha bhi cead aig duine, nach eil air a' chlàr ro meadhan-oidhche an ath-oidhche, air bhòtadh san referendum air an 18mh là den mhìos.

Roinn a' bhidhe 's na dibhe

Tha rannsachadh ùr ag ràdh gum faodadh suas ri 10,000 cosnadh ùr a bhith ann an gnìomhachas a' bhidhe 's na dibhe ann an Alba thairis air còig bliadhna. Tha an sgrùdadh do Bhanca na h-Alba ag ràdh gu bheil dà thrian de chompanaidhean am beachd tuilleadh luchd-obrach fhastadh ro 2019, agus iad ag amas gu sònraichte air margaidhean agus luchd-cleachdaidh thall-thairis.