BBC Naidheachdan

Lìonra coimpiutair air leth adhartach

Thèid lìonra coimpiutaireachd ùr, a tha air leth adhartach, a chur an sàs air a' Ghàidhealtachd.

Bheir seo an comas do ghnìomhachasan coimpiutairean fìor adhartach a chleachdadh.

'S e sgeama pìleat a th' ann aig an ìre seo, a mhaireas ceithir mìosan, còmhla ri dà chompanaidh ann an roinn a' chùmhachd.

Mar a tha Eileen NicDhòmhnaill ag aithris, dh'fhaodadh gum bi buannachdan mòra na chois.