BBC Naidheachdan

Mì-thoileachas an Ealaghol

Thòisich iomairt airson dìon a chur air tràigh ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich.

Tha plana aig Comhairle na Gàidhealtachd 'son pontùn a chur tarsaing na tràghad ann an Ealaghol agus beachd ann nach eil an cidhe an sin mòr gu leòr 'son na th' ann de bhàtaichean.

Ach tha cuid san sgìre ag ràdh gum milleadh sin coltas an àite.

Tha an aithris sa aig Eilidh NicLeòid.