Iomairt an referendum a' teannachadh
Le 10 là air fhàgail mus bhòt Alba san referendum air neo-eisimeileachd, tha an dà iomairt nas fhaisge air a chèile na bha iad a-riamh a thaobh taic an t-sluaigh.
Sheall aon chunntas-bheachd air an deireadh-sheachdain gu bheil Bu Chòir air thoiseach air Nas Fheàrr Còmhla airson a' chiad turas.
Tha na Tòraidhean, Làbaraich agus na Lib-Deamaich air an taic a chur ris a' chlàr-ama a mhol Gòrdan Brown Diluain airson cumhachdan a bharrachd do Phàrlamaid na h-Alba, ma bhòtas an dùthaich an aghaidh neo-eisimeileachd.
- Air fhoillseachadh
- 9 An t-Sultain 2014
- Earrann
- Naidheachdan