Là nàiseanta ùrnaigh ga chumail
Tha eaglaisean air feadh Alba air tighinn còmhla gus là nàiseanta ùrnaigh a chumail air thoiseach air an referendum.
Ged nach eil iad a' gabhail taobh seach taobh, tha iad ag ràdh gu bheil iad airson 's gun tig daoine còmhla airson ùrnaighean a dhèanamh mun referendum agus mu Alba.
Tha a' Cho-Bhanntachd Shoisgeulach am measg nam buidhnean a th' air là ùrnaigh a stèidheachadh.
Mhìnich An t-Urramach Iain D Caimbeul bhon Eaglais Shaoir dè tha nam beachd.