BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Tha gach taobh a' dèanamh iomairt dheireannach ron referendum air neo-eisimeileachd a-màireach. Tha am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, air iarraidh air Albannaich gun an cothrom sealbh a ghabhail air an dùthaich aca fhèin a leigeil seachad. Thuirt e gun cumadh Alba an Not, oir gun aontaicheadh luchd-poileataigs gum biodh e ciallach do dhùthchannan eileanan Bhreatainn an aon airgead a bhith aca. Thuirt ceannard 'Nas Fheàrr Còmhla', Alasdair Darling, nach robh dad tìr-ghràinneach ann at bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd, agus thuirt e gum biodh e traighideach nan deadh an Aonadh ri Sasainn, a' Chuimrigh agus Èirinn a Tuath a bhristeadh.

Thuit àireamhan cion-cosnaidh 15,000 ann an Alba eadar a' Chèitean agus an Iuchair. Tha an ìre de dhaoine a tha a' cosnadh ann an Alba a-niste a' seasamh aig 73.9%, cha-mhòr aon phuing nas àirde na an ìre airson na Rìoghachd Aonaichte anns an fharsaingeachd.

Thuirt poilis a tha a' rannsachadh murt dhithis luchd-turais ann an Thailand gu bheil dithis fhireannach Bhreatannach a-niste fo amharas. Bha na daoine air a bhith ann an cuideachd Dhaibhidh Miller agus Hannah Witheridge mus deach am marbhadh air Eilean Koh Tao. Tha iad an-dràsta fo chùram nam poileas ann am Bangkok, ach cha deach an cuir an grèim.

Thòisich deuchainnean gan dèanamh ann an Oxford an-diugh air banachdach airson an galair Ebola. B' e seo a' chiad uair a chaidh an droga ùr fheuchainn air mac-an-duine. Tha luchd-saidheans an dòchas, ma shoirbhicheas le na dearbhaidhean, gun gabh am banachdach a thoirt do luchd-obrach slàinte ann an Afraga an Iar ro dheireadh na bliadhna.

Bhòt dithis de bhuill Comataidh Poileasaidh Ionmhasail Banca Shasainn na bu tràithe air a' mhìos airson ìre an rèidh a chur an-àirde. Airson an dàrna mìos sreath a chèile, dh'iarr iad gun deadh an ìre àrdachadh bho leth gu trì-chairteal de dh'aon percent. Bhòt an t-seachdnar bhall eile air a' chomataidh an aghaidh àrdachaidh agus dragh orra mu laigse eadar-amail ann an Sòn an Euro.

Airson a' chiad uair, bidh aig daoine ri pàigheadh airson a bhith a' coimhead nan cleasan-teine ann an Lunnainn air Oidhche na Bliadhn' Ùire. Tha am Mèar, Boris Johnson, air fhoillseachadh gum bi 100,000 tiocaid ri fhaotainn airson nan cleasan, gun cosg iad £10 am fear, agus gum bi iad ri fhaotainn bhon 26mh là den t-Sultain. Gu ruige seo, tha cuirm nan cleasan-teine air a bhith saor an-asgaidh, agus iad a' tàladh suas ri leth mhillean a-steach gu meadhan a' phrìomh-bhaile.