Taisbeanadh 'Snàth' ann an Griomsaigh
Tha aodach agus stuthan-dachaigh a chaidh a dhèanamh le snàth bho mhuileann Uibhist ri fhaicinn aig taisbeanadh ann an Griomsaigh.
'S e 'Snàth' ainm an taisbeanaidh, a tha mar phàirt den fhèis Hebtember.
Chan eil ach bliadhna bhon a thòisich an obair aig a' mhuileann.
Chaidh Shòna NicDhòmhnaill a dh'fhaicinn na tha a' dol ann.