Ionad Acres ga fhosgladh gu h-oifigeil
Dh'fhosgail goireas, a tha a' toirt àite-fuirich eadar-amail do dhaoine gun dachaigh, gu h-oifigeil ann an Steòrnabhagh Diluain.
Tha àite airson 28 duine ann an Ionad Acres. Chosg an togalach £2m.
Leis a' ghoireas ùr seo, thathas an dòchas gun tig lùghdachadh air an àireamh dhaoine a tha gun dachaigh, agus a tha a' fuireach ann an taighean leabaidh is breacaist.
Seo Ruaraidh Rothach.