Coinneamh mu sheirbheis dhotair
Chuala coinneamh air an Tairbeart oidhche Luain dè tha san amharc airson seirbheis dhotair na sgìre taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach.
Tòisichidh sgeama pìleat, a mhaireas trì mìosan, air an ath-mhìos agus thèid sgrùdadh a dhèanamh air gach cùis fa-leth san ùine sin.
Tha iomagain air cuid sa cheann a tuath gu bheil an t-seirbheis a-mach à uairean àbhaisteach gu bhith stèidhichte san ospadal ann an Steòrnabhagh.
Le tuilleadh, seo Ruaraidh Rothach.