BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Tha aithrisean ann gu bheil feachdan na Stàite Islamaich fìor fhaisg air Baghdad, prìomh bhaile Irac. Tha coltas ann gun do chuir ionnsaighean bho itealain-cogaidh Ameireaganach maill air feachdan IS, a tha a' faighinn làmh an uachdair air Arm Irac. Dh'aidich an Ceann-suidhe Obama an-raoir nach do thuig na Stàitean Aonaichte 'sa chiad dhol a-mach cho mòr 's tha an cunnart bho feachdan na Stàite Islamaich.

Ghleidh Gàrradh Iarainn Ferguson ann am Port Ghlaschu a' chiad chùmhnant airson bàta a thogail bho chaidh a' chompanaidh a ghlèidheadh. Cheannaich Clyde Blowers - a bhoineas dhan fhear-gnothaich Jim McColl - an gàrradh an dèidh dha a dhol gu rianachd. Fhuair iad cùmhnant anns a bheil luach £12m bho Riaghaltas na h-Alba airson an treas bàta-aiseig 'hybrid' a thogail do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn.

Thuirt an Seansalair, Seòras Osborne, gun coimhead na Tòraidhean ri tuilleadh ghearraidhean anns na sochairean sòisealta ma 's e agus gun tèid an taghadh a-rithist an ath-bhliadhna. Tha Mgr Osborne ag ullachadh airson òraid do cho-labhairt a' pàrtaidh ann am Birmingham. Innsidh e cuideachd gun cuir na Tòraidhean às dhan chìs air peinnsean a chaidh fhàgail mar dhìleab.

Tha poilis ann an Hong Kong air a bhith a' losgadh le gas deoir air na mìltean de luchd-iomairt a tha a' togail fianais air na sràidean. Tha an sluagh a' gearan nach eil Sìona deònach bhòt gu lèir saor a thoirt dhaibh ann an taghadh ceannard ùr Hong Kong ann an 2017. Thuirt an riaghaltas gun deach na poilis a tharraing a-mach a-nise às an sgìre sa bheil an luchd-iomairt.

Lìonail

Tha pàrantan ann an Nis ann an Leòdhas ag iarraidh air nas urrainn a dhol gu coinneamh phoblach an ath-oidhche agus dragh ann gun tèid àrd-sgoil dà bhliadhna na sgìre a dhùnadh. 'S i an aon àrd sgoil dà bhliadhna a tha air fhàgail 'sna h-Eileanan an Iar ach tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil àireamh nan sgoilear a' sìor a thuiteam agus tha iad airson a dùnadh an ath-bhliadhna.

Tòisichidh sgeama pìleat air earrannan den A9 eadar Dùn Bhlàthain agus Inbhir Nis air an ath-mhìos a leigeas le draibhearan làraidh siubhail aig 50 mìle san uair seach 40 a tha ceadaichte an-dràsta. Tha dràibhearan làraidh ag ràdh ma thig orra dràibheadh aig 40 'san uair an uair a thòisicheas na camarathan astair ùra gum bi an A9 nas cunnartaiche buileach le dràibhearan eile a' fàs mì-fhoighidneach.