BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Bha itealain Tornado le Feachd an Adhair an sàs ann an ionnsaighean às ùr air feachdan na Stàite Ioslamaich ann an Iorac. Seo an dàrna turas a bha itealain cogaidh Breatannach an sàs bho dh'aontaich Pàrlamaid Westminster ri sin an t-seachdain seo chaidh.

Thuirt poilis Scoland Yard a bha a' coimhead airson na h-ìghne-sgoile, Alice Gross, ann an Lunnain gur ann a' rannsachadh murt a tha iad. Fhuair iad corp ann an Abhainn Trent air Taobh Siar Lunainn a-raoir. Cha do rinn iad aithne oifigeil air a' chorp fhathast ach chaidh fios a thoirt do theaghlach na h-ìghne, a bha 14.

Thig co-labhairt nan Tòraidh ann am Birmingham gu ceann an-diugh le òraid bhon Phrìomhaire, Daibhidh Camshron. Tha làn dùil gun geall e a-rithist cumail ris a' chlàr-ama a chaidh aontachadh airson tuilleadh chumhachdan do Phàrlamaid na h-Alba.

Babcock

Dh'innis Rùnaire an Dìon, Mìchael Fallon, gun d' fhuair a' bhuidheann Babcock cùmhnant anns a bheil luach £2.6bn, airson obair aig Ionad a' Chabhlaich Rìoghail aig Faslane air Cluaidh. 'S iad Babcock a tha a' ruith an ionaid sin dhan MoD, far a bheil na bàtaichean aigeinn niuclasach Trident stèidhichte.

Sgoil Lionail

Chuala coinneamh phoblach ann an Nis ann an Leòdhas a-raoir gun cùm pàrantan orra a' strì airson Àrd-sgoil dà bhliadhna Lionail a ghlèidheadh. Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh a dùnadh an ath-bhliadhna 's iad ag ràdh gu bheil àireamh nan sgoilear a' sìor-thuiteam. Nan dùnadh an àrd-sgoil, bhiodh a' chlann a' dol a Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh.

Tha oifigich slàinte anns na Stàitean Aonaichte a' feuchainn ri sgeul fhaighinn air feadhainn aig an robh buntanas ri duine air a bheil an galair Ebola ann an Texas. Dh'fhàs an duine tinn ceithir là an dèidh dha tilleadh à Liberia air Taobh Siar Afraga agus tha e fìor ìosal anns an ospadal ann an Ameireaga.