BBC Naidheachdan

Cridhe an luchd-taisteil

Thèid beachd Alba Aosmhor iarraidh air dè an dìon a bu chòir a dhol air cridhe cloiche ann an Còmhghall a tha cudromach ann an cultar luchd-taisteil na h-Alba agus do mhuinntir an àite.

'S ann an achadh ri taobh an A815 a tha an cridhe - an Tinkers' Heart mar a th' air sa Bheurla - is e air a dhèanamh le clachan gealla quartz.

Bha e na chleachdadh aig luchd-taisteil agus aig cuid às an sgìre fhèin pòsadh aig an làraich.

Tha Àdhamh Ó Broin eòlach air eachdraidh na sgìre.