BBC Naidheachdan

Leasachadh Bharraigh

Tha Comhairle Coimhearsnachd Bhàgh a' Chaisteil air cur an aghaidh planaichean na companaidh leasachaidh ionadail airson cidhe-pontoons - ged a tha airson an leithid fhaicinn ann am Barraigh.

Fo na planaichean, bhiodh àite ann airson suas ri fichead bàta.

Tha ceist air a' chomhairle choimhearsnachd ge-tà mun làraich.