Tagradh às ùr mu bhàta-slaodaidh
Tha cuideam ga chur air Riaghaltas Westminster bàta-slaodaidh a thilleadh dhan cheann a tuath.
Tha seo a' tighinn às dèidh do shoitheach a bha a' giùlain sgudail rèidio-beò a bhith gun stiùir ann an Linne Mhoireibh.
Bha an MV Parida a' toirt cargu de sgudail choncrait rèidio-beò bho Scrabasdail ann an Gallaibh gu ruige Antwerpen sa Bheilg, nuair a thòisich teine ann am fear den dà fhuineall aice.
B' fheudar a tilleadh gu Linne Chrombaigh Diciadain, far a bheil i aig acair.
Tha Eileen NicDhòmhnaill ag aithris.
- Air fhoillseachadh
- 9 An Dàmhair 2014
- Earrann
- Naidheachdan