Naidheachdan 11:00m

Nochdaidh Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, mu choinneimh Pàrlamaid na h-Alba feasgar 's e a' foillseachadh buiseat na dùthcha airson na bliadhna-ionmhais a tha romhainn. Tha dùil gum foillsich e dà chìs ùr - Cìs Malairt na Talmhainn 's nan Togalaichean, a thèid an àite Stamp Duty, agus cìs air a bhith a' tiodhlacadh sgudail. Canaidh mgr Swinney gun cuidich am buidseat aige ann a bhith a' cruthachadh dùthaich bheartaich chothromaich.

Tha tuilleadh chuideam ga chur air an Riaghaltas sgrùdaidhean slàinte a chur air chois aig puirt, puirt-adhair agus stèiseanan rèile ann an oidhirp stad a chur air Ebola a bhith a' sgapadh dhan Rìoghachd Aonaichte. Thuirt Cathraiche Comataidh nan Gnothaichean Dùthchail, am BP Keith Vaz, gum feum rudeigin a dhèanamh anns a' bhad airson smachd fhaighinn air cùisean. Tha Ebola air bàs a thoirt dha na mìltean dhaoine air taobh siar Afraga.

Dh'innis Ministear Cèin na Tuirce do NATO nach eil e ciallach a bhith ag iarraidh air an Tuirc iomairt armaichte a chur air chois leatha fhèin airson baile Kobane ann an Siria a shàbhaladh bhon Stàit Ioslamaich. Tha Rùnaire Dìon Bhreatainn, Mìcheal Fallon, am measg na tha ag iarraidh air feachd na Tuirce a dhol thairis air a' chrìch airson a dhol an sàs ann an Kobane. Tha Mgr Fallon cuideachd air aideachadh nach cuir ionnsaighean adhair Aimeireaganach stad air radaigich IS bho a bhith a' faighinn smachd air a' bhaile.

Chaidh còig làithean a bharrachd a thoirt do Phoilis a' Mhet airson ceathrar fhireannach a cheasnachadh fo amharas gun robh iad ag ullachadh ionnsaighean ceannairc anns an Rìoghachd Aonaichte. Chaidh na daoine a chur an grèim ann an Lunnainn an-dè.

Nì Max Clifford, a bha a' riochdachadh dhaoine anns na meadhanan, tagradh an-diugh an aghaidh binn ochd bliadhna sa phrìosan, a chaidh a chur air airson a bhith a' toirt sreath de dh'ionnsaighean drabasta air boireannaich òga thairis air na bliadhnaichean. Chaidh Clifford, a tha 71, a chur dhan phrìosan anns a' Chèitean.

Dh'èirich na cosgaisean obrach aig Buill-Phàrlamaid na h-Alba gu còrr is £12.5m an-uiridh - suas timcheall air cairteal a' mhillein air a' bhliadhna ron an sin. Thuirt ceannardan na Pàrlamaid gu bheil an t-àrdachadh de chòrr is 2% a' taisbeanadh buaidh ìre na h-atmhorachd air cosgaisean oifis agus tuarastalan luchd-obrach.