BBC Naidheachdan

'Care for a Ceilidh' aig a' Mhòd

Air oidhche Luain, bha cothrom aig cuid de chloinn beagan ullachaidh a dhèanamh ro na farpaisean aca Dimàirt.

Bha sgoilearan às na Hearadh an sàs ann am pròiseact air a bheil 'Care for a Ceilidh'.

Dè th' ann? Uill, tha seinneadairean agus còmhlain-ciùil a' cèilidh air dachaighean-cùraim, agus b' e seo a' chiad turas a chaidh fheuchainn ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd.

Chaidh Eileen NicDhòmhnaill a chèilidh orra.