Fathannan 'faoin' mu Mhuilleann
Tha fear den fheadhainn leis a bheil Muilleann Chlò Chàrlabhaigh ann an Leodhas ag ràdh gur e faoineas a th' ann an sgeulachdan gu bheil a' mhuilleann an ìmpis a bhith air a reic.
Thuirt Derek Reid, Cathraiche Harris Tweed Textiles Earranta, gun robh òrduighean gu leòr aca a-steach dhan Bhliadhn' Ùir, ach cha deach e às àicheadh gun reiceadh iad a' mhuilleann nam biodh an suidheachadh ceart.
Seo Aonghas Dòmhnallach.
- Air fhoillseachadh
- 15 An Dàmhair 2014
- Earrann
- Naidheachdan