Dà shoitheach ùr do ChalMac
Thòisichear a' sireadh tagraidhean airson dà shoitheach ùr a thogail do chabhlach Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn.
Thèid tè de na h-aiseigean ùr a chur air an t-slighe eadar Ùige, Loch nam Madadh agus an Tairbeart, leis an tè eile a' frithealadh Eilean Arainn.
Tha dùil gum bi a' chiad bàta deiseil airson a dhol gu muir ro dheireadh 2017.
Tha barrachd aig Eilidh NicLeòid.