Sgeama spadaidh nan gèadh
Tha geòidh a-nis air fàs cho lìonmhor ann an Leodhas is na Hearadh 's gu bheil iad a' bàsachadh fo rothan chàraichean aig àm àlachaidh.
Bheir Dualchas Nàdair na h-Alba cothrom do shealgairean barrachd de na h-eòin a mharbhadh tro shiostam ceadachaidh a thig a-steach sa Bhliadhn' Ùir.
A rèir chroitearan an eilein, feumar deannan math dhiubh a mharbhadh airson stad a chur air an call a tha iad a' dèanamh.
Seo Aonghas Dòmhnallach.
- Air fhoillseachadh
- 21 An Dàmhair 2014
- Earrann
- Naidheachdan