Càr dealain air Bealach na Bà
Chaidh carbad caran neo-àbhaisteach thairis air Bealach na Bà Diciadain, càr a tha a' cleachdadh dealan mar chonnadh.
Tha an carbad BMW an-dràsta air chuairt timcheall na Gaidhealtachd, 's companaidh teicneòlas airson dearbhadh do dhaoine gu bheil càraichean dealain a cheart cho freagarrach ann an sgìrean beanntach, iomallach 's a tha iad ann am bailtean mòra na rìoghachd.
Chaidh Stephen MacLeòid a-mach a choimhead air.
- Air fhoillseachadh
- 23 An Dàmhair 2014
- Earrann
- Naidheachdan