BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Thuirt Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba gu bheil cùisean a' sìor fhàs doirbh dhan NHS an Alba, leis cho teann 's a tha an t-airgead airson na seirbheis. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' dèanamh an dìcheall adhartas a thoirt air an NHS, a dh'aindeoin gearradh anns an taic-airgid bho Westminster. Tha an aithisg ag ràdh nach urrainn dha na Bùird Slàinte cumail ris an aon ìre de sheirbheis ma leanas an suidheachadh a th' ann an-dràsda.

Dh'innis Jim Murphy gum bi e a' seasamh airson a bhith na cheannard air Pàrtaidh Làbarach na h-Alba. Thuirt Mgr Murphy, ball Thaobh Sear Rinn Friù ann am Pàrlamaid Westminster, agus an Rùnaire Làbarach airson Leasachadh Eadar-Nàiseanta, gu bheil e ag amas air aonachd ann an Alba an dèidh an referendum, agus air aonachd ann am Pàrtaidh Làbarach na h-Alba. Aig an ìre seo, 's e dithis bhall ann am Pàrlamaid na h-Alba, Niall Findlay agus Sarah Boyack, a sheasas na aghaidh.

Thàinig rabhadh bho cheannard Highlife Highland, Iain Moireach, a tha a' ruith nan goireasan cur-seachad do Chomhairle na Gàidhealtachd, gum bi leabharlainn, amair-snàimh agus ionadan spòrs a' dùnadh le gearraidhean na Comhairle. Tha a' Chomhairle ag amas air còrr is £60m de ghearraidhean eadar seo agus 2019 agus, mar phàirt dhen sin, thèid mu £2m a ghearradh à buidseat Highlife.

Tha pàipearan air an d' fhuair am BBC sealbh ag ràdh gu bheil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' beachdachadh air aon de na prìomh shochairean sòisealta airson tinneas a ghearradh dhan aon ìre ris an Jobseekers Allowance. An-dràsta, tha daoine air Employment and Support Allowance a' faighinn £30 a bharrachd gach seachdain. Thuirt Roinn na h-Obrach 's nam Peinnsean nach eil na gearraidhean sin ann am poileasaidh an riaghaltais.

Tha coltas ann gum faodadh gun tèid Banca Dhail Chluaidh a reic. Thuirt Banca Nàiseanta Astràilia, dham buin Banca Dhail Chluaidh, gu bheil iad airson tarraing a-mach às an Rìoghachd Aonaichte. Tha e coltach gur e gnìomhachas Banca Astràilia ann am Breatainn, an leithid Banca Dhail Chluaidh agus Banca Yorkshire, as coireach gu mòr gu bheil prothaid na buidhne gu lèir a' tuiteam.