BBC Naidheachdan

Còmhstri sa Choille

Bho chionn 40 bliadhna, thachair fear de na rudan a b' annasaiche a bha a-riamh air tachairt ann an spòrs.

Thàinig dithis de shàr-bhocsairean an t-saoghail còmhla airson sabaid ann an Zaire, mar a bh' ann an uair sin.

B' e seo an 'Rumble in the Jungle' agus a h-uile duine, cha-mhòr, a' smaoineachadh gun dèanadh George Foreman a' chùis air Muhammed Ali.

Cha b' ann mar sin a bha e air a' cheann thall, mar a tha fear a tha e-fhèin gu math eòlach air bocsadh, Coinneach MacÌomhair, a' cuimhneachadh.