BBC Naidheachdan

Measan Albanach a dhìth sna bùithdean

Bu chòir measan Albannach a bhith nas bitheanta ann am bùithdean na h-Alba.

Sin na bha ri chluinntinn ann an Dùn Bhlathainn ron deireadh sheachdain, aig cruinneachadh sònraichte de dhaoine a' bhios a' cur agus a' fàs mheasan-craoibhe leithid ùbhlan agus peuran.

Eadar companaidhean agus comainn choimhearsnachd bha gu leòr an làthair, mar a tha Coinneach Mac a' Ghobhainn ag aithris.