Tàladh nan Dotairean
Tha dotairean à bailtean mòra Shasainn a th' airson doigh-beatha gu tur ùr a bhith aca gam brosnachadh le iomairt sanasachd ùr aig NHS na Gàidhealtachd.
Tha iad a' coimhead airson dotairean teaghlaich a bhiodh deònach obair a gabhail os làimh ann an cuid de na sgìrean as bòidhche agus as dùthchail an Alba.
Nochd sanasan air busaichean 's togalaichean ann an Leeds Diluain, mar a thachair ann an Liverpool mar thà.
Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.
- Air fhoillseachadh
- 11 An t-Samhain 2014
- Earrann
- Naidheachdan