Eachdraidh Sgoiltean Loch Nis ga comharrachadh
Chaidh eachdraidh seann sgoiltean taobh a deas Loch Nis - eachdraidh a tha a' dol air ais 300 bliadhna - fhoillseachadh air an deireadh-sheachdain.
Tha mòran de na togalaichean ann fhathast is tè aca fiù 's ag oideachadh clann na sgìre chun an là an-diugh, 150 bliadhna an dèidh a togail.
Tha an leabhar "Lessons by Loch Ness" ga fhaicinn mar ghoireas luachmhor de eachdraidh shòisealta na sgìre.
Ghabh Dòmhnall Moireasdan cuairt sìos taobh an locha.
- Air fhoillseachadh
- 24 An t-Samhain 2014
- Earrann
- Naidheachdan