BBC Naidheachdan

10 bliadhna bho mhurt Inbhir Narann

Thuirt na Poilis a tha a' rannsachadh murt Alasdair MhicUilleim gu bheil iad cho dealasach 's bha iad a-riamh nan oidhirp am murtair a lorg.

Chaidh am bancair, 30, a mhurt air stairsnich an taighe aige fhèin ann an Inbhir Narann air an 28mh den t-Samhain 2004.

Thèid a-nise sgrùdadh a dhèanamh air gach pìos fianais a fhuair iad an co-cheangal ris a' chùis.