BBC Naidheachdan

Seann leabhar-là air nochdadh

Tha boireannach ann an Siorrachd Dhùn Phris an dòchas cuideachadh fhaighinn airson seann leabhar-là sònraichte a sgaoileadh.

Chum Isabella Jane Burton-Mackenzie à Cuil Challaidh ann an Siorrachd Rois an leabhar-là, as an robh dealbhan agus beachdan a thog i, an uair a bha i air chuairt ann an Uibhist ro àm ' Chogaidh Mhòir.

Cha deach an leabhar-là fhaicinn roimhe.