BBC Naidheachdan

Rabhadh mu ospadal an eilein

Tha fear de chomhairlichean an Eilein Sgitheanaich a' toirt rabhadh gum faod ionmhas calpa son ospadal ùr na sgìre a chall ma leanas strì air càite am bu chòir dha a bhith.

Thèid moladh do Bhòrd NHS na Gàidhealtachd an ath-sheachdain gum bu chòir an goireas ùr a thogail san Ath-Leathann.

Tha buidheann sa cheann a tuath ge-tà a' ceasnachadh an dòigh san deach an làrach sin, seach Port Rìgh, a thaghadh.