BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Thuirt Poilis na h-Alba gun do dh'fhailich ceathrar dhràibhearan deuchainn dibhe mar thà an-diugh air a' chiad là den lagh ùr ann an Alba. Chaidh triùir dhiubh a chur fo chasaid gun robh iad a' dràibheadh os cionn na h-ìre laghail. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gum bi rathaidean nas sàbhailte, agus gun tèid glèidheadh air beatha leis an lagh ùr.

Tha a' chompanaidh as motha a tha a' dèanamh bidh ann am Breatainn air a bhith ag iarraidh pàigheadh bho chompanaidhean eile mar dhòigh air cùmhnantan a ghlèidheadh agus a chumail. Tha e coltach gun do ghabh Premier Foods, dham buin stuth bidh mar Mr Kipling, Bisto agus Oxo, na milleanan not ann am pàigheadh den t-seòrsa sin. Dh'innis aon chompanaidh dhan BhBC gu bheil e coltach ri màl dubh. Ach tha Premier Foods ag ràdh nach eil iad a' briseadh an lagha.

Chuir Poilis rannsachadh muirt air dòigh an dèidh dhaibh corp boireannaich fhaighinn ann an taigh anns an Eaglais Bhric. Chaidh na Poilis a ghairm goirid an dèidh meadhan oidhche gu taigh ann an Springfield Drive anns a' bhaile, far an d' fhuair iad an corp.

Tha eas-aonta air taobh sear Rois mu phlana airson port ùr air Linne Chrombaidh. Tha dragh ann gum faodadh companaidhean ola 's gas falbh às an sgìre sin le plana Global Energy airson puirt ùir phrìobhaidich a bhiodh a' frithealadh air a' ghàrradh aca aig Bàgh an Eige. Tha Global Energy ag ràdh ge-tà, gun glèidheadh am plana cosnaidhean, agus gum biodh e math dhan eaconamaidh ionadail.

Bidh tuilleadh chuota aig iasgairean na h-Alba airson trosg, adag agus an liabag mhòr an ath-bhliadhna, le aonta ùr eadar an t-Aonadh Eòrpach agus Nirribhidh. Bidh nas lugha den chuidhteag, saoidhean agus sgadan ann ge-tà. Thuirt Ministear Iasgaich na h-Alba, Ridseard Lochhead, gu bheil e cudromach a-niste aonta fhaighinn air an ùine a dh'fhaodas isagairean a bhith aig muir an ath-bhliadhna.