BBC Naidheachdan

Hospice an Òbain

Tha Hospice an Òbain a' gluasad gus feuchainn ris na seirbheisean air fad aca anns an sgìre a thoirt còmhla.

An-dràsta, tha seirbheis sa choimhearsnachd - seirbheis làtheil - aig Ionad-Là Taobh na Linne, agus seòmraichean ann an Ospadal Latharna - airson daoine a tha a' fulaing le tinneasan-bàsmhor.

Chan eil fhios aig an ìre-sa ge-tà càite am biodh seirbhis iomlan sam bith stèidhichte.