BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Tha Poilis le gunnaichean fhathast a' cur cearcaill mu thaigh-bidh ann an Sidnidh ann an Astràilia far a bheil fear-gunna a' cumail mu 40 duine am bruid. Chan eil e follaiseach co mheud duine a tha san togalach, ged a chaidh aig còignear air teicheadh bho thòisich an t-sèist an-raoir. Chuir am fear-gunna bratach Ioslamach ann an uinneig an taighe-bìdhe. Thuirt na Poilis gu bheil iad a' bruidhinn ris an duine.

Tha dùil ri sianar aig Cùirt nam Maighstirean-Lagha ann an Westminster an-diugh fo chasaidean ceannairc agus foill. Chaidh na fir a chur an grèim ann an Lunnann agus ann an Dover.

Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, aig coinneimh le Dàibhidh Camshron aig Sràid Downing. Bheir am Prìomhaire cead do Phàrlamaid na h-Alba aois a' bhòtaidh ìsleachadh gu 16 ann an àm airson nan taghaidhean Albannach ann an 2016.

Tha ceannard ùr nan Làbarach an Alba, Jim Murphy, am beachd bun-reachd na pàrtaidh atharrachadh gus am bi smachd aig a' phàrtaidh ann an Alba air a cùisean fhèin. Dh'fhalbh Johann NicLaomainn, a bha san dreuchd roimhe, san Damhair, agus ise ag ràdh nach robh spèis aig na ceannardan Làbarach ann an Westminster dhan phàrtaidh ann an Alba.

Thig dearbhadh bho Riaghaltas na h-Alba an t-seachdain seo gum bi rannsachadh poblach ann mu dhrabastachd chloinne ann an Alba. Tha an rannsachadh a' tighinn an dèidh sgainneil mu sgoiltean leis an Eaglais Chaitligich agus le buidhnean-cùraim eile.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gun cùm iad sùil gheur air ionad-cùraim Blàr Buidhe ann an Steòrnabhagh an dèidh do luchd-sgrùdaidh gearainnean a thog teaghlach mun chùram a fhuair boireannach anns an ionad. Feumaidh dachaigh a' Bhlàir Bhuidhe na molaidhean a chur an sàs ron ghearran an ath-bhliadhna.