An là puist as trainge
An do chuir sibh ur cairtean Nollaig air falbh fhathast?
Mur an do chuir, agus ma tha sibh airson an stampa as saoire a chleachdadh, bu chòir dhuibh cabhaig a dhèanamh.
Tha Seirbheis a' Phuist a' comhairleachadh gun tèid iad sin a chur dhan phost a-màireach.
'S e Diciadain an là as trainge den bhliadhna aig an t-seirbheis le 10,000 neach-obrach ann an Alba a' làimhseachadh 2,500,000 cairt, litir is parsail.
Tha Eilidh Ghrannd ag aithris.