Dìth siognal bho Vodafone
Tha a' chuid as motha de dh'eileanan Earra Ghàidheal air a bhith às aonais siognal fòn-laimhe bho Vodafone airson faisg air ceala-deug.
A-rèir na companaidh, tha trioblaid le siostam a th'aig BT ann am Muile a' toirt buaidh air Ile, Colbhasa, Colla agus Tiriodh.
Tha dragh air muinntir nan eilean mun bhuaidh a bheir dìth siognal air gnìomhachasan gu h-àraid.