BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Thuirt oifigich ann an Indonèisia gun deach stuth coltach ri sprùilleach fhaicinn sa mhuir 's iad a' coimhead airson an itealain le Air Asia a chaidh a dhìth an-dè air a slighe a Singapore. Thuirt àrd-oifigeach aig buidheann teasairginn Indonèisia gu bheil a h-uile coltas ann gun deach am plèana air an robh 162 de luchd-siubhail agus criutha, gu grunnd na mara.

Tha droch shìde a' cur maill air luchd-teasairginn a tha a' feuchainn ri cobhair a dhèanamh air feadhainn a tha fhathast glacte air bàt-aiseig Eadailteach a tha na teine anns an Adriatic. Thuirt oifigeach anns a' Ghrèig gun deach còrr is 200 a thoirt far a' bhàta, na bu tràithe an-diugh. Chaill aon duine a bheatha an-dè nuair a leum e far a' bhàta, an Norman Atlantic, a chaidh na teine anns a' mhadainn an-dè.

Chaidh comhairle a thoirt air feadhainn a tha a' feitheamh pharsailean bhon chompanaidh City Link an togail an-diugh. Tha dùil gum bi ionadan na companaidh fosgailte airson a' chiad uair bho chaidh a' chompanaidh gu rianachd air Là na Nollaige. Tha cha-mhòr 3,000 duine ag obair aig City Link, agus tha mòran dhiubh an cunnart an cosnadh a chall. Tha feadhainn dhiubh a' togail fianais aig ionad na companaidh ann an Tobar na Màthar an-diugh.

Dh'fhailich air Riaghaltas na Grèige le an oidhirp mu dheireadh toirt air Pàrlamaid na dùthcha gabhail ri an tagraiche airson dreuchd a' Chinn-Suidhe. Tha sin a' ciallachadh gum bu taghadh coitcheann ann, agus na cunntasan beachd a' cur pàrtaidh a tha a' moladh tuilleadh ghearraidhean agus cùmhnadh airgid anns a' chiad àite. Thuit còrr is 10% far luach nan earrainnean sa Ghrèig an dèidh na naidheachd.

Bidh rannsachadh FAI ann mu bhàs dràibhear làraidh ann an tubaist ann an Uibhist a Tuath san Damhair an-uiridh. Tha dùil gun robh Stephen Bochannan, a bha 40 bliadhna de dh'aois, a' cur lìn air làraidh aig Loch Euphort ann an Uibhist a Tuath, nuair a thachair an tubaist anns an Damhair ann an 2013. Bidh an rannsachadh a' tòiseachadh air an 2na là den Mhàrt.