BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Thuit prìs na h-ola Brent Crude, slat-tomhais air prìs na h-ola air feadh an t-saoghail, fo $50 gach barraille airson a' chiad uair bho chionn còrr is còig bliadhna. Thuirt an Seansalair, Seòras Osborne, gum feum companaidhean a' phrìs air connadh dachaigh agus faraidhean adhair a ghearradh mu choinneimh sin, agus tha am Pàrtaidh Làbarach anns na h-Eileanan an Iar ag iarraidh faraidhean aiseig nas lugha air an aon adhbhar.

Iarraidh Daibhidh Camshron taic dha a phlana airson leaschadh air an Aonadh Eòrpach nuair a choinnicheas e ri Seansalair na Gearmailt, Angela Merkel, ann an Lunnainn an-diugh. Thuirt am Prìomhaire mar thà, ma 's e agus gun soirbhich leis anns an taghadh choitcheann, gun dèan e bargain an toiseach air ballrachd Bhreatainn anns an Aonadh Eòrpach mus bi referendum ann ann an 2017 air àite Bhreatainn san AE.

Tha buidheann a tha ag iarraidh cead do dhaoine làmh a chur nam beatha fhèin a' foillseachadh bhideo an-diugh, 's iad ag ràdh gum freagair e ceistean agus cion tuigse a th' air mòran mun bhile air am bi deasbad a-rithist ann am Pàrlamaid na h-Alba an ath-sheachdain. Tha an iomairt "My Life, My Death, My Choice", ag innse cò aig am biodh cead fo ùr, agus dè na cùmhnantan agus riaghailtean a bhiodh an lùib a' phròiseas.

Chaidh dràibhear na làraidh-sgudail a bha san tubaist anns an do chaill sianar am beatha ann an Glaschu a leigeil a-mach às an ospadal. Bha an duine, a tha 57, air a bhith ann an Ospadal an Western sa bhaile bho bha an tubaist ann air 22na den Dùbhlachd. Tha dithis eile san ospadal fhathast.

Thuirt ceannardan comhairle ann an Dùn Èideann gun gluais iad air adhart le plana airson casg-astair aig 20 m.s.u. air trafaig air feadh mòran den bhaile. Tha luchd-iomairt ag iarraidh air bailtean mòra, agus bailtean eile ann an Alba, an dearbh rud a dhèanamh.

Droch Shìde

Tha droch shìde a' toirt buaidh gu ìre air choireigin air cha-mhòr a h-uile seirbheis-aiseig air a' chosta an iar. Tha seòladh à Steòrnabhagh aig 2:00f gu bhith ann uair de thìde nas tràithe a-nise aig 1:00f, agus mar an ceudna seòladh às Ulapul aig 5:30f, bidh sin ann aig 4:30f.

Seòladh às Ùige gu ruige Loch nam Madadh, a' chiad sheòladh, bidh sin ann aig 2:15f. Chaidh an seòladh às Loch nam Madadh gu ruige Ùige aig 11:55m, a chur dheth uile gu lèir. An seòladh aig 6:45f a-nochd às Ùige gu ruige Loch nam Madadh, bidh sin a-niste a' falbh feasgar aig 2:15f.

Chan eil an sin ach cuid de na seirbheisean aig Cal Mac air a bheil an aimsir a' toirt buaidh. Tha am fiosrachadh as fheàrr air làrach-lìn Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn.

Ann an Leòdhas tha Rathad a' Bhràighe fosgailte a-rithist. Bha siostam convoy ann na bu tràithe air a' mhadainn, 's bha e dùinte fiù 's na bu tràithe sin air a' mhadainn. Tha Poilis ag iarraidh air dràibhearan a dh'aindeoin sin a bhith gu math faiceallach.

Tha Drochaid an Eilein Sgitheanaich, an A87, dùinte do charbadan àrda.

Tha rabhadh cuideachd air Drochaid Cheasaig. Drochaid Thatha dùinte do bhusaichean double-decker, agus tha casg-astair air Drochaid Fhoirthe.