BBC Naidheachdan

Eachdraidh Mhigein

Tha pròiseact eachdraidh mu sgìre Mhigein faisg air Drochaid a' Bhanna, a' tighinn gu ceann an-dràsta.

Bha an sgeama, a bh' air a ruith le Urras nan Coilltean, a' ruith tron t-Samhradh an-uiridh.

Thog iad trì sgeulachdan mun ghleann le daoine a tha a' fuireach anns an sgìre, agus thathas a-nis a' dol gan cur air an eadar-lìon.

Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.