Tesco a' tarraing a-mach
Chan eil Tesco a' dol a thogail bhùithdean ùra anns a' Ghearasdan neo anns an Aghaidh Mhòir.
Tha a' chompanaidh a' feuchainn ri cosgaisean a ghearradh, 's tha iad ag ràdh nach tèid grunn bhùithdean ùra a bha san amharc air feadh na dùthcha, a thogail a-nis.
Cha mhotha sin, tha iad am beachd còrr air 40 bùth a dhùnadh.
Tha Calum Mac IllEathain ag aithris.