Casg campachaidh ga leudachadh
Thàinig co-chomhairleachadh poblach aig Ùghdarras Pàirce Nàiseanta Loch Laomainn is nan Tròisichean gu crìch Diluain.
Tha an t-Ùghdarras airson frith-lagh - neo lagh ionadal - a tha a' cur casg air campachadh fiadhaich a leudachadh bho sgìre bheag air taobh sear an locha gu tòrr sgìrean eile sa phàirc.
Chaidh an lagh sònraichte seo a thoirt a-steach bho chionn trì bliadhna gus stad a chur air dol-a-mach mì-shòisealta.
Tha Kerr Gibb ag aithris.
- Air fhoillseachadh
- 14 Am Faoilleach 2015
- Earrann
- Naidheachdan