Comhairle a' dùnadh sgoiltean Sgitheanach

Dh'aontaich Comataidh an Fhoghlaim aig Comhairle na Gàidhealtachd ceithir bun-sgoiltean san Eilean Sgitheanach a dhùnadh, ann an Dùn Bheagain, san Aodann Bhàn, sa Chnoc Bhreac, agus anns an t-Sruthan.

Tha a' Chomhairle am beachd aon sgoil ùr a thogail nan àite ann an Dùn Bheagain.

Ach ghabh a' Chomataidh ri moladh bhon cheathrar comhairlichean Sgitheanach gum bu chòir rannsachadh a dhèanamh air sgìrean sgoile na ceàrnaidh sin den eilean.

Tha Eileen NicDhòmhnaill ag aithris.